Nursery Key Worker, Gaelic Medium, Unqualified, Sgoil-àraich an Taobh Siar (4144) - CNS06510
Comhairle nan Eilean Siar
Job at a glance
ADVERT: Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, Gun Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil-àraich an Taobh Siar (4144) 29.5 uairean gach seachdain, Dreuchd mhaireannach £24,523 - £25,461 gach bliadhna, a' gabhail a-steach £2,389 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna Ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, cumaidh sibh taic ri curaicealam a tha stiùireadh ionnsachadh is leasachadh chloinne san fharsaingeachd, agus a' cur air dòigh seiseanan cluiche a' toirt aire do dh'fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agaibh ann an cùram chloinne ag obair le clann bheaga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth bhliadhnachan.San dreuchd seo, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le clann. Tha comas labhairt agus leughaidh Gàidhlig riatanach. Mar riatanas laghail, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo ( Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot ).
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a' toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach. Ceann-latha: Diluain 28 Sultain 2026 Tha tuartastal na dreuchd seo a' gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a' chiad ìre den rang. Bithibh mothachail nach eile pàirt-phàigheadh ri fhaotainn, no air a thabhann, airson na h-obrach seo.
MUS CUIR THU TAGRADH A-STEACH: Dèan cinnteach gum fosgail agus gun leugh thu gach bileag a tha an cois an t-sanais seo mus lìon thu a' bhileag tagraidh. Mìnichidh Notaichean Stiùiridh do Luchd-tagraidh am pròiseas fastaidh againn agus mar bu chòir am fiosrachadh as deatamaiche a lìonadh a-steach san tagradh gus an am bi deagh chothrom agad do sgilean agus d' eòlas a thaisbeanadh. Feumar an Cunntas Obrach agus an Sònrachadh Pearsanta a leughadh gus an earrann mu Eòlas' den tagradh a lìonadh.
Bu chòir dhut a dhol a rèir an t-Sònrachaidh Phearsanta gus cunntas mionaideach a thoirt air mar a tha thu a' coileanadh gach puing agus eisimpleirean a thoirt seachad mar dhearbhadh. Dèan leth-bhreac agus sàbhail an cunntas obrach, an sònrachadh pearsanta agus bileag sam bith eile bhon t-sanas oir cha tèid agad air am faotainn aon uair agus gun tèid am fiosrachadh mun obair a thoirt sìos. Faodar Goireasan Tuigse Innealta (AI) a leithid Copilot agus ChatGPT a chleachdadh gus do chuideachadh a' deasachadh tagraidh , mar eisimpleir airson beachdan a thional no gràmar no litreachadh a cheartachadh.
Ach, 's e d' obair fhèin a dh'fheumas a bhith ann am fiosrachadh sam bith a thèid dhan tagradh a thaobh d' eòlais, sgilean agus comais, d' fhiosrachaidh, do theisteanasan agus na choilean thu. 'S mathaid nach tèid gabhail ri tagraidhean a tha cus an innibh Tuigse Innealta. Le bhith a' cur a-steach tagraidh, tha thu a' dearbhadh gu bheil am fiosrachadh fìrinneach agus stèidhichte air d' eòlas fhèin.
Am fiosrachadh as ùire mu thagradh Dèan cinnteach gun cuir thu do sheòladh post-dealain a-steach ceart, oir 's ann chun an t-seòlaidh sin a thèid fiosrachadh mun tagradh. Bhiodh e glic dhut a bhith toirt sùil air do bhogsa post-d, pasgan sgudail agus do chunntas MyJobScotland tric airson tuilleadh fiosrachaidh. ADVERT: Nursery Key Worker, Unqualified, Gaelic Medium, Sgoil Araich an Taobh Siar (4144) 29.5 hours per week, all year, permanent position £24,523 - £25,461 per annum, inclusive of £2,389 Distant Islands Allowance per annum Through the medium of Gaelic, you will plan a curriculum which supports and guides children's all-round learning and development, and plan and organise the play session taking into account the needs of every child.
You must have proven childcare experience working with young children and their families in an early years setting. The ability to speak and read Gaelic is essential. This post is subject to m