Primary Teacher, Gaelic Medium, Uist Schools (9320) - CNS06487
Comhairle nan Eilean Siar
Job at a glance
ADVERT: Tidsear Bun-sgoil, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoiltean Uibhist (9320) 21 uair a thìde gach seachdain, fad ùine Fòrladh Màthaireachd £27,009 - £33,442 gach bliadhna, a' gabhail a-steach £1,798 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna 'S e adhbhar na dreuchd cur ri èifeachdas na sgoile anns na raointean a leanas:(a)Curraicealam (b)Cùram agus slàinte (c)Co-obrachadh (d)Leasachadh proifeiseanta.
Feumaidh ceum / dioplòma iomchaidh agus clàradh Comhairle Choitcheann Thidsearan Alba (CCTA) a bhith aig an neach a shoirbhicheas. Tha e riatanach gu bheil thu fileanta sa Ghàidhlig. 'S e dleastanasan tidseir gnìomhan a thèid a thoirt dhaibh leis a' cheannard a choileanadh a rèir phoileasaidhean na sgoile agus an ùghdarras foghlaim, ach le bhith a' gabhail suim de dh'uallach obrach anns na raointean a leanas: 1 Teagasg chlasaichean a thèid a thoirt dhaibh, leis an deasachadh agus ceartachadh an lùib sin.
2 Leasachadh curraicealam na sgoile. 3 Dèiligeadh ri, clàradh agus aithisgean a dhèanamh air obair sgoilearan. 4 Sgoilearan a dheasachadh airson deuchainnean agus cuideachadh le rianachd dheuchainnean. 5 Comhairle agus stiùireadh a thoirt do sgoilearan a thaobh chùisean foghlaim. 6 Cur taic ri slàinte, sàbhailteachd agus sochairean chloinne. 7 A bhith a' co-obrachadh le pàrantan, luchd-taice agus proifeiseantaich eile.
8 Leasachadh proifeiseanta iomchaidh a ghabhail os làimh. 9 Pàirt a ghabhail ann am planadh aig ìre sgoile, àrdachadh buaidh agus lèirmheas pearsanta 10 Cur ri deagh rian agus feumalachdan farsaing na sgoile. Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) mar ratanas laghail a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo ( Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot ).
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a' toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach. Ceann-latha: Diardaoin 17 Sultain 2026 Tha tuartastal na dreuchd seo a' gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a' chiad ìre den rang. Bithibh mothachail nach eile pàirt-phàigheadh ri fhaotainn, no air a thabhann, airson na h-obrach seo.
MUS CUIR THU TAGRADH A-STEACH: Dèan cinnteach gum fosgail agus gun leugh thu gach bileag a tha an cois an t-sanais seo mus lìon thu a' bhileag tagraidh. Mìnichidh Notaichean Stiùiridh do Luchd-tagraidh am pròiseas fastaidh againn agus mar bu chòir am fiosrachadh as deatamaiche a lìonadh a-steach san tagradh gus an am bi deagh chothrom agad do sgilean agus d' eòlas a thaisbeanadh. Feumar an Cunntas Obrach agus an Sònrachadh Pearsanta a leughadh gus an earrann mu Eòlas' den tagradh a lìonadh.
Bu chòir dhut a dhol a rèir an t-Sònrachaidh Phearsanta gus cunntas mionaideach a thoirt air mar a tha thu a' coileanadh gach puing agus eisimpleirean a thoirt seachad mar dhearbhadh. Dèan leth-bhreac agus sàbhail an cunntas obrach, an sònrachadh pearsanta agus bileag sam bith eile bhon t-sanas oir cha tèid agad air am faotainn aon uair agus gun tèid am fiosrachadh mun obair a thoirt sìos. Faodar Goireasan Tuigse Innealta (AI) a leithid Copilot agus ChatGPT a chleachdadh gus do chuideachadh a' deasachadh tagraidh , mar eisimpleir airson beachdan a thional no gràmar no litreachadh a cheartachadh.
Ach, 's e d' obair fhèin a dh'fheumas a bhith ann am fiosrachadh sam bith a thèid dhan tagradh a thaobh d' eòlais, sgilean agus comais, d' fhiosrachaidh, do theisteanasan agus na choilean thu. 'S mathaid nach tèid gabhail ri tagraidhean a tha cus an innibh Tuigse Innealta. Le bhith a' cur a-steach tagraidh, tha thu a' dearbhadh gu bheil am fiosrachadh fìrinneach agus stèidhichte air d' eòlas fhèin.
Am fiosrachadh as ùire mu thagradh Dèan cinnteach gun cuir thu do sheòladh post-dealain a-steach ceart, oir 's ann chun an t-seòlaidh sin a thèid fiosrachadh mun tagradh. Bhiodh e glic dhut a bhith toirt sùil air do bhogsa post-d, pas